V&A Dundee

Tadhail

Tha inntrigeadh gu V&A Dhùn Dè saor 's an-asgaidh

Fosgailte 10.00 gu 17:00 gach latha

Dùinte 25 agus 26 Dùbhlachd

Inntrigeadh saor is an-asgaidh. Feumar pàigheadh airson tiocaidean airson cuid de na tachartasan, gnìomhachdan agus taisbeanaidhean.

A’ tighinn ann

Port-adhair Dhùn Dè

Tha Port-adhair Dhùn Dè 10 mionaidean air falbh bhon taigh-tasgaidh ann an càr agus tha seirbheis ann gu Lunnainn Stansted gach latha.

Pàirceadh is àiteachan-stad

Tha àiteachan-stad do chòidseachean ann dìreach taobh a-muigh an togalaich agus tha pàirceadh ri fhaighinn faisg air làimh.

Tha àiteachan-pàircidh ann do dhaoine a bheil ciorram taobh a-muigh an taigh-tasgaidh. Tha tòrr a bharrachd phàircichean-chàraichean agus àiteachan-pàircidh faisg air làimh.

Ruigsinneachd

Chaidh an taigh-tasgaidh a dhealbhadh mar thogalach ion-ghabhaltach agus so-ruigsinneach.

  • Tha fàilte
  • Tha lioft ann gu gach làr
  • Tha na h-àiteachean-pàircidh uile ruigsinneach do chathraichean-cuibhle
  • Gheibhear cathraichean-cuibhle air iasad saor is an-asgaidh le bhith a’ cur fios thugainn ro-làimh
  • Tha fàilte ro sgùtairean so-ghluasadachd beaga taobh a-staigh an taigh-tasgaidh
  • Tha taighean-beaga so-ruigsinneach ann air gach làr
  • Tha taigh-beag Changing Places air Làr 1
  • Gabhaidh tursan a chur air dòigh airson daoine air a bheil cion-lèirsinne no a tha bodhar
  • Tha lùban claisneachd aig gach puing-seirbheis anns an taigh-tasgaidh
  • Tha tòrr àiteachan-suidhe ann air feadh an taigh-tasgaidh
  • Tha stòlan so-ghiùlan rim faighinn air iasad airson cleachdadh anns na gailearaidhean

Airson barrachd fios mu ruigsinneachd san taigh-tasgaidh, cuir fios gu access@vandadundee.org

Biadh is deòch

Thig dhan chafaidh againn sa phrìomh thalla airson srùbag no greim-bìdh luath.

Rach suas an staidhre dhan taigh-bìdh againn airson biadh agus deoch na ràithe agus na sgìre agus airson deagh sheallaidhean den Tatha agus den RDS Discovery.

Teaghlaichean

Tha fàilte ro chlann anns a’ chafaidh is taigh-bìdh againn agus tha clàr-bìdh againn do chlann san dà chuid. Aig an deireadh-sheachdain agus rè saor-làithean na sgoile, faodaidh luchd-tadhail greimean-bìdh a bheir iad fhèin a-steach ithe ann an seòmar nam picnic.

Tha sinn a’ cur fàilte air beathachadh air a’ chìch anns a h-uile àite ann an, no faisg air an taigh-tasgaidh.

Tha pàirc bhugaidhean air a’ bhun-ùrlar. Cha bhi luchd-obrach a’ coimhead às dèidh nam bugaidhean - cleachdaidh tu i air do chunnart fhèin.

Tha goireasan atharrachadh-badain air a h-uile làr.

Bùth

Tha a’ bhùth againn a’ comharrachadh dealbhadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta, bho rudan a chleachdas sinn gu làitheil sa chidsean gu obair-fhighe den ìre as àirde.

Buidhnean

Tiocaidean airson taisbeanaidhean

Uaireannan feumar tiocaidean a cheannach airson cuid de na taisbeanaidhean againn. Gheibh buidhnean de 10 no barrachd lasachadh prìse. Gus dèanamh cinnteach gum bi an turas agaibh cho math ’s a ghabhas, leig fios thugainn ro làimh ma tha sibh am beachd tighinn ann le buidheann de dheichnear no barrachd.

Tursan agus òraidean

Bho 2019, faodar buidhnean a chlàradh airson òraidean is tursan-treòraiche den taigh-tasgaidh. Bidh na tursan rim faighinn ann an diofar chànanan.

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu bookings@vandadundee.org

Buidhnean is tursan ruigsinneach

Gabhaidh tursan BSL agus tursan-làimhseachaidh a chur air dòigh airson daoine air a bheil cion-lèirsinne no daoine a tha bodhar. Bidh tionndaidhean de leabhar-iùil an taigh-tasgaidh rim faighinn ann an clò mòr aig an deasg fàilte.

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu access@vandadundee.org

Treallaich

Feuch gun a bhith a’ toirt bhagaichean mòra a-steach dhan taigh-tasgaidh. Dh’fhaodte gun iarr luchd-obrach ort pocannan-droma mòra a ghiùlan nad làmhan seach a bhith gan giùlan air do dhruim, no gun iarr iad ort an cur anns na locairean.

Tha locairean rim faighinn air a’ bhun-ùrlar, air prìs £1 (chan fhaighear an t-airgead seo air ais). Cuimhnich a h-uile rud a thoirt a-mach às na locairean mus fàg thu an taigh-tasgaidh.

Tha locairean rim faighinn ann an dà mheud eadar-dhealaichte. Tha an locair as motha comasach air aon bhaga-làimhe den mheud àbhaisteach a ghiùlan.

A’ togail dhealbhan

Thathar a’ brosnachadh togail-dhealbhan gun solasan-boillsgidh airson cleachdadh prìobhaideach neo-choimeirsealta air feadh an taigh-tasgaidh ach a-mhàin de chuid de na buill-taisbeanaidh agus cuid de na taisbeanaidhean againn a bhios ag atharrachadh. Chan fhaodar trì-chasach, aona-chasach no rioga-solais sam bith a chleachdadh ann an àite sam bith ann an, no faisg air, an taigh-tasgaidh.

A’ faicinn Dùn Dè

Tha sinn fìor mhoiteil a bhith suidhichte ann an cridhe beul-aibhne Dhùn Dè. Mar Bhaile Dealbhachaidh aig UNESCO, tha tòrr ri dhèanamh ann an Dùn Dè agus tha an leabhar-iùil 99 Things to See and Do in Dundee, a chaidh a dhèanamh tro mhaoineachadh-sluaigh na fhìor dheagh dhòigh gus eòlas fhaighinn air a’ bhaile.

Às dèidh dhut cultar beòthail Dhùn Dè fheuchainn, carson nach tèid thu a dh’fhaicinn barrachd de Sgìre na Tatha. Tha tràighean àlainn, glinn chiùin agus biadh air leth ann an Sgìre na Tatha, a tha cuideachd a’ gabhail a-steach Siorrachd Pheairt, Fìobh agus Aonghas a tha faisg air làimh.

Cluich goilf air cùrsaichean ainmeil Chill Rìmhinn, gabh cuairt tro chruth-tìre nan coilltean àrda ann an Siorrachd Pheairt no cuir thu fhèin am bogadh ann an eachdraidh ann an Caisteal Ghlamais. Cuir an turas agad fhèin air dòigh aig taycountry.uk